歌词
Soraidh bhuam gu Barraidh
Eilean's maisich tha fo’n ghrein
Far an tric an robh mi sugradh
‘s le sunna a ruith na spreidh
Gur lionmhor lus tha fas fo’n druchd
Is deallt air uir as dheidh
A’ bheireadh slainte is muirneal dhuit
Air maduinn chubhraidh cheit
An am direadh ris a mhonadh
Measq a’ mhurain ‘be mo mhiann
Air feasgar fann's an fhoghar
Nuair a chromadh air a ghrian
Gum beathaicheadh am faladh thu
Far luscan b’aille fiomh
An aiteag chubhraidh aluinn
Thig far bharr a’ chain an lar.
An am eirigh anns an t-samhradh
‘se bhith ann, bu mhor mo mhiann
Gach iasgair ‘s e le bhata
Dol gu aite a chuir na lion
Nuair a charadh iad siuil shlan rith
Air bharr nan tonnan liath.
Bu bhriagha a bhi ga faicinn
Air a setadh dol dha’n iar.
‘Se Barraidh an t-eilean ‘s boidhche
Ann cho mor s gun d’chur mi uigh
Far an tric an do ghabh mi oran
Measg nan oighean maiseach ciuin
‘S ged tha mi’n duigh air m’aineol
An Australia nan craobh
Cha di-chuimhuich mi a Ghaidhlig
Tha i sgriobhte ‘s a’ chlar aig m’aois.
专辑信息